Glasgow - Scotland with Style
Home » SeeGlasgow » Languages » Gaelic » Teàrlach Rennie Mac an Tòisich

Teàrlach Rennie Mac an Tòisich

Tha cliù aig Teàrlach Rennie Mac an Tòisich (1868-1928), an ailtear, dealbhaiche agus neach-ealain, a rugadh an Glaschu, air feadh an t-saoghail airson an stoidhle ùr-ghnàthach, buadhach aige a thug cumadh air Art Nouveau na h-Eòrpa.

Bha buaidh aig Mac an Tòisich air trì seòrsaichean ailtearachd – togalaichean poblach, taighean-còmhnaidh prìobhaideach agus seòmraichean-tì – bha a' chuid mhòr dhiubh seo ann an Glaschu fhèin. Ach cha b'e sin a-mhàin ach dhealbh e àirneis sònraichte, chithear pàirt dhe ann an ionadan luchd-turais mar Taigh Mhic an Tòisich aig a' Ghallaraidh Ealain Hunterian, no ann an Sgoil Ealain Ghlaschu a thogadh aig toiseach na Linne seo chaidh, ach a tha na sgoil ealain chun an latha an-diugh. 'S e Mac an Tòisich, a' bhean Màiread Dhòmhnallach Nic an Tòisich, a piuthar Frangag agus Herbert MacNair a chuir ri chèile bonn-stèidh airson 'Stoidhle Ghlaschu' mar a theirteadh ris. Dh'abrar an 'Spook School' ris a' cheathrar seo. Fhuair iad moladh mòr, gu sònraichte thall thairis, is bha iad an làthair le'n cuid obrach ach taisbeanaidhean eadar-nàiseanta aig toiseach an 20mh linn.

Tadhalaibh air an Taigh-Solais aig Ionad Mìneachaidh Mhic an Tòisich, airson sealladh air leth fhaighinn dhen bhuaidh a bh'aige air ailtearachd, no gabhaibh pàirt ann an aon de iomadh cuairt a tha Comann Teàrlach Rennie Mac an Tòisich a' cur air dòigh.

Rinn e dealbhadh àraidh airson àirneis, is chithear cuid dhe aig ionadan luchd-turais mar:

House for an Art Lover
Gallaraidh Ealain Hunterian
Sgoil nam Martair
Eaglais Chrois na Bàn-rìgh
Taigh-Tasgaidh Sgoil Sràid Albainn
Sgoil Ealain Ghlaschu
Taigh a’ Chnuic
An Taigh-Solais – An t-Ionad Albannach airson Ailtearachd, Dealbhadh agus Am Baile
Taigh Mhic an Tòisich
Seòmraichean-Tì an t-Seillich

 
 
Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuiribh brath gu: Comann Teàrlach Rennie Mac an Tòisich,
Eaglais Chrois na Bàn-rìgh, 870 Rathad Garscube, Glaschu G20 7EL. Fòn: 0141 946 6600;
Facs 0141 945 2321 no post-dealain: info@crmsociety.com