Glasgow - Scotland with Style
Home » SeeGlasgow » Languages » Gaelic » Baile Cultarail

Baile Cultarail

An Ceann-Uidhe
Tha Mòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh na àite cho tlachdmhor is maiseach sa tha san Roinn Eòrpa, far a bheil beòthalachd agus greadhnachas baile mòir eadar-nàiseanta agus cuid de sheallaidhean mìorbhuileach na h-Alba a' tighinn còmhla.

Ailtearachd Àlainn
'S e pàrras a th' ann an Glaschu dhaibh-san aig a bheil ùidh ann an ailtearachd: Clach- ghainmhich Bhictorianach dhearg is bhuidhe, stìoballan air nòs na h-Eadaillt agus binneanan meadhon-aoiseil a' suidhe gu rèidh le tùir nua-Ghothach, Art Nouveau brìghmhor Theàrlaich Rennie Mhic an Tòisich agus titanium, glainne agus stàilinn baile an latha an-diugh.
 
Annasan Ealain
Tha còrr is fichead taigh-tasgaidh is gallaraidh – is gheibhear a-steach dhan chuid mhòr aca an asgaidh – nam measg Cruinneachadh Burrell, Taigh eireachdail Mhic an Tòisich, agus Gallaraidh an Ealain Nuaidh.

Do dhuine aig a bheil suim anns an obair-dealbhaidh as ùire, rachadh iad dhan Taigh Sholais (The Lighthouse), agus dhaibh-san a tha airson ionnsachadh mu theicneolas is na feuman a thathar a' dèanamh dhe, còrdaidh Ionad Saidheans Ghlaschu riutha gu mòr, far a bheil IMAX, Science Mall, Tùr Ghlaschu, Planetarium agus Virtual Science Theatre. Àrainn ionnsachaidh a tha inntinneach, aotrom.

Ach mas ann air dualchas a tha ur miann, gheibhear tlachd mòr à Taigh-Tasgaidh a' Chòmhdhail, Taigh-Tasgaidh na Dòigh-Beatha Dùthchail aig Kittochside, agus Clydebuilt, a tha ag innse gach earrann de sgeulachd Ghlaschu is Abhainn Chluaidh bho thombaca gu togail bhàtaichean. Ma tha nòisean agaibh dhen 'gheama ghrinn' bu choir dèanamh air Taigh- Tasgaidh Ball-Coise na h-Alba aig Hampden.
 
Cuirmean gu Leòr
Biodh ùidh agaibh anns na clubaichean, opera, consairtean, an taigh-cluiche no dannsa, tha ann am Mòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh na chumas cagnadh ruibh. 'S coma cuin a thig sibh, tha cuirmean is fèisean ann fad na bliadhna.

Am measg na bhios ann gach bliadhna tha Oidhcheannan le Opera na h-Alba, RSNO Summer Proms, Fèis an Taobh-Siar, Fèis Jazz Eadar-Nàiseanta Ghlaschu, beòlthalachd Oidhche na Bliadhn' Ùire agus Celtic Connections. Tha seo uile a' daingneachadh cliù a' bhaile mar fear de phrìomh àiteachan cultarail na Roinn Eòrpa.

Tha nithean sònraichte a' tachairt ann am pàirceannan, is bailtean na sgìre mar Co-Fharpais Shaoghail nan Còmhlan Pìoba air Liana Ghlaschu, Fèis Lammer, an Lannraig agus The Shot am Pàislig, a' cur gu mòr ris an fhealla-dhà agus ri blas na sgìre. Faodaidh na cailleachan- oidhche a bhith dannsa gu uairean beaga na maidne anns na h-uiread de chlubaichean a tha a' gabhail a-steach gach riochd ciùil bho ceòl garaids is techno gu house agus retro.
 
 
Bùithnean
'S e fìor thlachd a th' ann a bhith a' cuairtearachd am bùithnean Ghlaschu. Chan e a-mhàin gu bheil roghainn mhòr ann ach chan eil meadhon a' bhaile ro mhòr agus tha an siostam clèithe aca ga dhèanamh soirbh do dhuine faighinn mu chuairt nuair a bhios iad nam boil a' ceannach! Chan eil ach ceum beag eadar na margaidhean mòra mar Gallaraidhean a' Chananaich agus Ionad St. Enoch a dh'ionnsaigh greadhnachas an Ionaid Eadailtich agus Ceàrn a' Phrionnsa, gun luaidh air na bùithnean sònraichte a tha am Baile nam Marsanta.

Tha seann togalaichean agus caol-shràidean Taobh-Siar Bohemianach a' Bhaile nan leug- tàlaidh do dhuine sam bith a tha a' sireadh annasan seann-saoghalach no leabhraichean tearc. Gheibhear obair luchd-ealain an latha an-diugh anns na galaraidhean air Sràid Regent an Iar.

'S fhiach teicheadh bho ùpraid a' bhaile dhan na bùithnean far a bheil na h-annasan seann- saoghalach, na bùithnean-ceàird agus na h-ionadan gàirneilearachd a tha ri fhaotainn ann am bailtean-margaidh na sgìre.

Am biadh a theachdas os cionn gach bìdh
Gheibhear cha mhòr biadh às gach dùthaich an Glaschu oir tha cafaidhean a' bhaile a' toirt blasad dhuibh de na h-annasan bìdh as ùire san t-saoghal, bho bàraichean snasail is sushi Baile nam Marsanta gu taighean-bìdh is brassaraidhean an Taobh-Siar leòmaich. Ge bith dè as docha leibh, biadh dùthchasach, biadh saoghalach no na h-annasan bìdh as ùire, gheibhear rudeigin am Mòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh a bheir uisge mu ar fiaclan!
 
Air Chuairt
Seachad air iomall baile Ghlaschu tha cuid de na seallaidhean as brèagha an Alba. Tha an sgìre ionadail làn eachdraidh is dualchais is tha a sgeul fhèin aig gach baile dùthchail mu chuairt.

Astar beag gu deas ann an càr tha Slighe Luchd-Turais Gleann Cluaidh, a tha ag èaladh gu socair gu Bràigh Abhainn Chluaidh agus an làrach dualchais saoghalach aig Lannraig Ùr.

Chun an Iar tha Siorramachd RinnFriù agus Pàislig le Abaid meadhon-aoiseil agus Taigh- Tasgaidh is Gallaraidhean Ealain, far am faicear an cruinneachadh as motha san t-saoghal de dh'fhioragan le Pàtran Phàislig orra.

Chithear seallaidhean iongantach thar Beul Abhainn Chluaidh gu Beanntan Earra-Ghàidheil bho na bailtean an Inbhir Chluaidh a tha ris a' chladach, is ann am Pàirce Mugdock am Muilleann Dhaibhidh tha pàirt dhen cheum-coise ainmeil, Ceum Taobh-Siar na Gaidhealtachd.